Apple
Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an iOS
2018-05-07 le Crìstean MacMhìcheil
Coltach ri macOS chan eil cùs Gàidhlig a’ nochdadh ann an iOS.
Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an macOS
2018-05-03 le Crìstean MacMhìcheil
Gu mì-fhòrtanach chan eil cus Gàidhlig ann am macOS aig an ìre-sa ach o Mac OS X 10.8 a-mach ’s urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh mar locale. Tha seo a’ ciallachadh gum bi prògraman treas-phàrtaidh a leithid Opera, VLC agus LibreOffice (agus prògraman eile a chleachdas gleus a dh’atharraicheas cànan nam prògraman a-rèir an locale) a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ged nach bi na prògraman a thàinig le Apple fhèin.
Stràcan ann am Mac OS X 10.7 Lion
2011-07-24 le Crìstean MacMhìcheil
Faodar stràcan a dhèanamh air Mac OS X le bhith a’ cliogadh ⌥+**+**LITIR**, mar eisimpleir **⌥**+**
+a = à. Ach ann am Mac OS X 10.7 Lion faodar stràcan a dhèanamh le bhith a’ cumail sìos an litir a tha a dhith. Mar eisimpleir chum sìos a agus gheibh sibh popup de stràcan a tha a’ buntainn ris an litir a, dìreach mar a gheibheadh sibh air fòn-làimhe.