A' gluasad bho Wordpress gu Jekyll

2019-02-17 le Crìstean MacMhìcheil

O chionn 2008 tha Geidh.uk air a bhith na bhlog Wordpress (a’ ruith grunn plugain treas-phàrtaidh) a tha mi air a bhith ag òstaireachd agus a’ cumail suas leam fhèin.

Dh’obraich e math gu leòr airson greis, ach tha mi air a bhith a’ fàs sgìth le duilleagan slaodach, mearachdan frithealaiche, amannan far-loidhne agus ùrachaidhean a stàladh fad na h-ùine agus mar sin tha an làrach-lìn a-nis air gluasad bho Wordpress gu Jekyll.

Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an iOS

2018-05-07 le Crìstean MacMhìcheil

Coltach ri macOS chan eil cùs Gàidhlig a’ nochdadh ann an iOS.

Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an macOS

2018-05-03 le Crìstean MacMhìcheil

Gu mì-fhòrtanach chan eil cus Gàidhlig ann am macOS aig an ìre-sa ach o Mac OS X 10.8 a-mach ’s urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh mar locale. Tha seo a’ ciallachadh gum bi prògraman treas-phàrtaidh a leithid Opera, VLC agus LibreOffice (agus prògraman eile a chleachdas gleus a dh’atharraicheas cànan nam prògraman a-rèir an locale) a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ged nach bi na prògraman a thàinig le Apple fhèin.

Stràcan ann am Mac OS X 10.7 Lion

2011-07-24 le Crìstean MacMhìcheil

Faodar stràcan a dhèanamh air Mac OS X le bhith a’ cliogadh +**+**LITIR**, mar eisimpleir **⌥**+**+a = à. Ach ann am Mac OS X 10.7 Lion faodar stràcan a dhèanamh le bhith a’ cumail sìos an litir a tha a dhith. Mar eisimpleir chum sìos a agus gheibh sibh popup de stràcan a tha a’ buntainn ris an litir a, dìreach mar a gheibheadh sibh air fòn-làimhe.