Obair-taighe

Tha mi duilich gu bheil Geidh.uk air a bhith sàmhach o chionn ghoirid ach tha mi air a bhith trang leis m’ obair làitheil. Nuair a tha ùine shaor air a bhith agam tha mi air a bhith ag obair air còd Geidh.uk a sgioblachadh agus a dhèanamh nas èifeachdaiche.

Mar a sgrìobh mi na bu tràithe am-bliadnha 1, tha mi air Geidh.uk a ghluasad bho Wordpress gu Jekyll agus mar phàirt dhen sgioblachadh seo tha mi air a’ chòd a thoirt gu bun-tomhas gus an gabh a chleachdadh air làraichean-lìn Jekyll eile gun a bhith ga dheasachadh mòran.

Ma tha neach sam bith agaibh airson a chleachdadh gus blog Jekyll a chruthachadh dhaibh fhèin, tha mi air teamplaid a chur suas air GitHub a ghabhas a chleachdadh no a dheasachadh an-asgaidh.

Ma tha sibh airson eisimpleir beò fhaicinn ro-làimh, tha mi air an còd ùr a chur an gnìomh mar-thà aig Geidh.uk, AtUG.uk agus mo bhlog.