Mu Dheidhinn

Gàidhlig | English

Is mise Crìstean MacMhìcheil. ‘S ann à Inbhir Pheofharain ann an Gàidhealtachd na h-Alba a tha mi o thùs. A-nis tha mi a’ fuireach ann am Baile Dhubhthaich far a bhios mi ag obair aig Bannerman Transport mar Assistant Transport Manager, Deputy PFSO agus IT Manager.

Thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha mi nam oileanach aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Chòrd e rium gu mòr agus nuair a dh’fhag mi àrd-sgoil ann an 2005 rinn mi CertHE Cùrsa Comais aig Colaiste Inbhir Nis.

Eadar 2006 agus 2010 bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach a’ dèanamh Ceum BA (le Urram) ann an Gàidhlig ’s Leasachadh.

Tha ùidh mhòr agam ann an tèicneolas agus mar phàirt dhe mo chiad bliadhna aig SMO rinn mi cùrsa Coimpiutaireachd agus airson a’ chùrsa sin chruthaich mi an làrach-lìn a tha seo.

Tha mi gèidh agus nuair a bha mi nam oileanach aig SMO cha robh mi eòlach air mòran Gàidheil LGDT eile agus mar sin chruthaich mi GayGaels, buidheann-còmhraidh air Bebo, gus am biodh àite ann airson Gàidheil LGBT+ a bhith a’ conaltradh ri cheile.

Ann an 2007 chruthaich mi AbairThusa a bha na chiad lìon-sòisealta do Ghàidheil.

Ann an 2008 chruthaich mi Naidheachdan Pinc airson naidheachdan-LGDT a fhoillseachadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Is fìor toigh leam tèicneòlas Apple agus air sgàth ’s sin chruthaich mi An t-Ubhal-ghort airson a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig mu a dheidinn. A bharrachd air seo tha mi ag ionnsachadh Swift, cànan airson applaidean iOS/macOS a sgrìobhadh agus bidh mi gan foillseachadh fon ainm AtUG Apps.

Ceanglaichean: Facebook, Github, Instagram, Post-d agus Twitter.