Eadar 2005-2006 bha mi nam oileanach a’ dèanamh CertHE Cùrsa Comais aig Colaiste Inbhir Nis. ‘S e seo aiste a sgrìobh mi mu Inbhir Pheofharain mar phàirt dhen chùrsa sin.

Ro-ràdh

’S e Inbhir Pheofharain am prìomh bhaile ann an Siorrachd Rois. Tha e suidhichte mu dhà mhìle dheug air falbh bho Inbhir Nis fo dhubhar Bheinn Wyvis (3429’). Tha e air a bhith na Bhorgh Rìoghail fad barrachd air 780 bliadhna, a bheir cead dha malairt a dhèanamh tron t-saoghal. ’S e àite math a th’ ann airson faighinn gu àiteachan eile sa Ghàidhealtachd le rathadan agus an rathad-iarainn a’ dol deas tro Inbhir Nis, a’ dol an iar agus a’ dol tuath tro Inbhir Ghòrdain.

Staitistearachd

Na h-ainmean: Dingwall (Beurla), Inbhir Pheofharain (Gàidhlig), Bailechaul (Seann Ghàidhlig)

Àireamh-shluaigh: 5521 (Cunntas-sluaigh 2001)

Ordanance Survey: NH549590

Siorrachd: Siorrachd Rois

Sgìre Chomhairle: a’ Ghàidhealtachd

Baile Puist: Inbhir Pheofharain

Siorrachd Puist: IV15

Fòn: 01349

Thoir fa-near – Air an làraich seo bidh mi a’ cleachdadh ÀC (Àm Cumanta) an àite ADC (An Dèidh Chrìosd) agus bidh mi a’ cleachdadh RÀC (Ron Àm Chumanta) an àite RC (Ro Chrìosd).

Ro-eachdraidh

Bhon Linn Deigh mu dheireadh suas gu mu 500ÀC, bha an làrach far a bheil Inbhir Pheofharain air a shuidheachadh na pàirt dhe bhoglach làn-mara. Thàinig an abhainn Pheofharain gu crìoch far a bheil Strath Pheofharain air a shuidheachadh agus bha Inbhir Pheofharain fon uisge bho Tulloch air an taobh tuath gu Pitglassie air an taobh deas agus bho Millnain, trì mìle air falbh bho Inbhir Pheofharain, air an taobh an iar dha Linne Crombaidh air an taobh an ear.

Na Cruithnich

An dèidh 500ÀC, thòisich an làrach a thiormachadh agus thòisich na Cruithnich bho Phitglassie agus an sluagh bho Thulloch a’ fuireach air. Chuir iad an t-ainm Inverfheoran air a’ bhaile neo Inverferan mar a chleachd an Eaglais. Bha ainm eile air a’ bhaile cuideachd agus ’s e Bailechaul a bh’ ann, air sgàth ’s gun robh tòrr phòran a’ cuairteachadh a’ bhaile. Tha fianais fhathast anns an Eaglais Paraiste gun robh na Cruithnich a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain far a bheil Clach Cruithnich Clas 1 ann.

Clach Chruithneach dhen 1d chlas

Clach Chruithneach dhen 1d chlas

Na Maormores

Bhon an 6mh linn bha Inbhir Pheofharain fo smachd na Maormores a bha coltach ri Rìghrean na h-Alba. Tha dà Mhaormores uabhasach ainmeil fhathast ’s e sin Finlaec agus a mhac MacBeth. Chan eil fianais aig daoine sam bith nan rugadh MacBeth ann an Inbhir Pheofharain, ach tha fianais aig luchd-eachdraidh gun robh Finlaec a’ fuireach anns a’ bhaile nuair a rugadh MacBeth. Cuideachd tha fianais gun robh MacBeth a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain nuair a bha e òg agus mus robh e na Rìgh air Alba.

Macbeth

Macbeth

Na h-Albannaich & na Lochlannaich

An dèidh na Maormores thug na h-Albannaich smachd air Inbhir Pheofharain nuair a thàinig iad gu Alba bho Èirinn. Aig an àm sin bha Inbhir Pheofharain an t-àite as fhaide anns an taobh tuath a bha fo smachd nan Albannach, agus na h-àiteachan eile anns an taobh tuath fo smachd nan Lochlannach. Bha tòrr sabaid aig Inbhir Pheofharain air sgàth ’s gun robh e uabhasach math mar àite airson faighinn tron a’ Ghàidhealtachd; cuideachd, thug na Lochlannaich ionnsaigh air Inbhir Pheofharain gu tric. Ann an 1035, thàinig na Lochlannaich gu Inbhir Pheofharain a’ leantainn Thorfinn; bha blàr beag ann: ’s e am “Battle of Torfness” a bh’ ann. Bhuannaich Thorfinn agus an armailt aige agus chuir e Inbhir Pheofharain, a chaisteil agus an talamh fo smachd. Bha am baile fo smachd Thorfinn airson an ath 37 bliadhna. Nuair a thug e smachd air a’ bhaile thòisich e seòrsa cùirt neo “thing” mar a chanas iad ann an Lochlannais agus chaidh an t-ainm Inbhir Pheofharain gu Þingvöllr (Thingvollr) a tha a’ ciallachadh “achadh na cùirte” no pàrlamaid ann an Lochlannais agus chaidh seo gu Dingwall. Mu 1710 thog Iarla Chròmbaidh carragh-cuimhne (‘The Leaning Tower’ a th’ air an-diugh) dha fhèin air àite na Thingvollr agus nuair a bhàsaich e ann an 1714 chaidh a thìodhlachadh fodha. Mu 1200 thug na h-Albannaich smachd maireannach air a’ bhaile.

Thingvollr Inbhir Pheofharain & Carragh-cuimhne Chrombaidh (The Leaning Tower)

Thingvollr Inbhir Pheofharain & Carragh-cuimhne Chrombaidh (The Leaning Tower)

Iarlan na Shiorrachd Rois

Ann an 1226 chaidh Inbhir Pheofharain na Bhorgh Rìoghail agus thug an Rìgh cead dhan bhaile malairt a dhèanamh tron t-saoghal. Tro na Cogaidhean Albannach bha Inbhir Pheofharain fo smachd Eideird I à Shasainn, ach bhuannaich Iarla Rois smachd air a’ bhaile airson Robert the Bruce. A-rithist ann an 1314, thug Iarla Rois cuideachadh do Robert the Bruce aig Blàr Bhannockburn. Airson a’ cuideachadh sin, thug Robert the Bruce Inbhir Pheofharain, a chaisteal agus an talamh dha Iarla Rois. Ann an 1411 dh’fheuch Aonghas, Tighearna nan Eilean, smachd a ghabhail air Inbhir Pheofharain air sgàth ’s gun robh e a’ feuchainn an tiotal Iarla Rois a ghabhail ach cha robh e soirbheachail. Co-dhiù, ann an 1438 chaidh Alexander, Tighearna nan Eilean, na Iarla Rois agus thòisich e a’ fuireach anns a’ bhaile. An dèidh Alexander thàinig a mhac an ath Iarla Rois ach cha robh e cho shoirbheachail air sgàth ’s gun do dh’fheuch e co-chòrdadh a dhèanamh le Rìgh Shasainn, Eideard IV, gus Crùn na h-Alba a ghabhail. Chuala Rìgh Seumas III na h-Alba mu dheidhinn seo agus thug e smachd air Inbhir Pheofharain agus air a h-uile rud a bh’ aig Iarla Rois. An dèidh sin ‘s e an dàrna mac aig an Rìgh a bha na Iarla Rois. Dh’fhàg an crùn Inbhir Pheofharain mu 1600 agus chaidh an caisteil na thobhta. Bha e ga chleachdadh mar dhoca suas gu 1817 nuair a sgrios e.

Ghluais an Riaghaltas ann an Inbhir Pheofharain gu Dùn Èideann agus dh’fhàg iad am baile leatha fhèin. Ann an 1707 ghluais an Riaghaltas a-rithist gu Lunnainn agus thug iad aon bhòt anns a’ phàrlamaid eadar na còig buirgh anns an taobh tuath, ‘s e Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich, Inbhir Ùige, Inbhir Theòrsa agus Baile na h-Eaglais a th’ annta. Anns an taghadh airson an riochdaire seo, bha Inbhir Pheofharain ainmeil airson airgead a ghabhail gus an bhòt aca atharrachadh. Ann an 1730 chleachd a’ chomhairle ann an Inbhir Pheofharain an t-airgid seo airson Talla a’ bhaile a thogail, agus ann an 1774 chleachd iad an t-airgead seo a-rithist gus an tur gleoc a chur air Talla a’ bhaile. Bha an gleoc an seo suas gu 1906 nuair a chaidh gleoc ùr a chur na àite. Chan eil seo ach aon dhe àireamh bheag dhe ghleocaichean mar seo a tha fhathast ag obair ann an Alba agus tha e 100 bliadhna a dh’aois a’ bhliadhna seo.

Talla a' Bhaile

Talla a’ Bhaile

Cùl Lodair

Roimh 1707 bha tòrr smachd air an t-siorrachd aig Clann Choinnich air sgàth ’s gun robh iad càirdeil ris a’ crùn. Ann an 1745 thug Iarla Crombaidh neo Provost Inbhir Pheofharain Clann Choinnich gu Cùl Lodair a chuideachadh a’ Phrionnsa ach cha bhuannaich iad am blàr. An-dèidh Chùl Lodair bha a’ chùirt anns a’ bhaile gu math cudromach airson cumail ris an dòigh ùir. Thàinig tòrr luchd-lagha gu Inbhir Pheofharain air sgàth ’s gun robh a’ chùirt gu math trang agus bha tòrr airgid ri fhaighinn.

Am Baile Siorrachd & An t-Ionad-margaidh

Eadar an ochdamh linn deug agus an naoidheamh linn deug thòisich a’ tuathanachas ag atharrachadh agus bha tuathanachas malairteach na bu chumanta agus thàinig tòrr airgid gu Inbhir Pheofharain. Anns an naoidheamh linn deug chaidh rathaidean ùr a thogail le Thomas Telford agus bha Inbhir Pheofharain gu math trang. Thug an Rìgh an tiotal Baile Siorrachd air a’ bhaile ann an 1843.

Bha coinneamh aig a’ chomhairle ann an 1884 mu dheidhinn ionad margaidh a thogail agus chaidh a’ chiad fèill-reic a chumail aig a’ mhart air an 5mh là dhen Lùnastal 1884. Ann an 1890 thàinig an rathad-iarainn dhan bhaile còmhla ris an ionad margaidh ur, agus ann an 1891 thòisich an ionad margaidh a’ cumail fèill-reic gach seachdain.

Bha am mart fo smachd buidhnean diofraichte thairis air na bliadhnaichean ach ann an 1992 chaidh iad na aon chompanaidh, Dingwall Auction Mart Ltd, ach ann an 1995 chaidh sin na Dingwall & UA Partnership Ltd agus dhùin UA am mart aca ann an Inbhir Nis. Ann an 2000 chaidh UA a cheannach le Dingwall Auction Mart Ltd, agus ann an 2002 chaidh iad nan Dingwall & Highland Marts Ltd. Ann an 2003 dhùin iad am mart agus ghluais iad gu làrach ùr aig Humberston Farm air an taobh deas a’ bhaile agus thog Tesco bùth ùr air an t-seann làrach i.

An Dròbhair Gàidhealach: Ìomhaigh aig a' Mhàrt ùr

An Dròbhair Gàidhealach: Ìomhaigh aig a’ Mhàrt ùr

A’ Chlais-uisge

Aig toiseach naoidheamh linn deug bha conaltradh le bailtean eile air feadh na Gàidhealtachd glè dhoirbh. Leasaich conaltradh nuair a thog Thòmas Telford na rathaidean a’ dol gu Inbhir Pheofharain ach bha e fhathast glè dhoirbh airson bàtaichean bathair fhaighinn gu Inbhir Pheofharain. B’ àbhaist dhaibh stad aig Crombaidh agus chaidh am bathair a chur air bàtaichean mòr agus chaidh iad dhan tràigh aig Inbhir Pheofharain. An uair sin chaidh am bathair a chur gu Inbhir Pheofharain le carbadan. Rinn Thòmas Telford, Henry Davidson agus Alexander MacKenzie na planaichean airson an clais-uisge agus dh’obraich iad air Clais-uisge na h-Alba cuideachd. Thòisich iad ga thogail anns a’ Ghiblean ochd ceud deug ‘s a sia deug agus bha iad deiseil ann am Mart ochd ceud deug ‘s seachd deug. Ach cha do dh’èist na clachairean ri Telford nuair a thuirt e gum biodh an clais-uisge làn le silt ma bha an abhainn Pheofharain a’ dol troimhpe. Bha e ceart agus lìon an clais-uisge le silt as-dèidh ùine ghoirid, cha robh airgead gu leòr aig a’ chomhairle airson an clais-uisge a chumail agus chaidh a dùnadh ann an ochd ceud deug ‘s a ceathrad. Tha i ann fhathast an-diugh ach chan eil i ag obair.

Eachann nan Cath

Rugadh Eachainn MacDhòmhnaill air an tritheamh là deug dhen Ghiblean ann an ochd ceud deug caogad ‘s a trì aig Rootfield, a’ chroit athair ann am Maol Buidhe faisg air Inbhir Pheofharain. Thogadh e an sin cuideachd ach dh’fhàs e sgìth dhe obair air a’ chroit agus chaidh e a dh’ Inbhir Nis airson obair a fhaighinn.

Thòisich e ag obair leis an Royal Clan & Tartan Warehouse agus ghabh e a-mach ballrachd ann an companaidh marsantach, pàirt dhe na Highland Rifle Volunteers. Ann an 1870 ghabh e a-mach ballrachd san Naochadamh Gòrdan Gàidhealach ‘s a dhà agus chaidh e gu na h-Ìnnseachan, Afghanistan, Afraga a dheas agus an Sudan na h-Èipheit agus chaidh e na Mhàidsear. Ann an 1900 chaidh e na Mhàidsear-Seanailear nuair a chaidh e gu Afraga a dheas agus ann an 1901 thug an Rìgh an tiotal Mhàidsear-Seanailear Sir Eachainn MacDhòmhnaill air.

Eachann nan Cath

Eachann nan Cath

Chaidh e gu Ceylon ann an 1902 ach cha robh na h-oifigearan eile a bha e còmhla ris toilichte gun robh iad ag obair còmhla ri mac croiteir agus ann an 1903, a rèir cuid luchd-eachdraidh chuir iad pìos anns a’ phàipear-naidheachd ag ràdh gun robh e co-ghnèitheach agus b’ toil leis companaidh le balach beag. Seo pìos dhen sgeulachd sin : –

“Dearest Mab, Do you really mean to say that, besides your-self three ladies (all up country ones, too) were the only ones who went to see our new General arrive?… Then, dear, you know we heard a whispered rumour that he does not like ladies, and possibly may have been pleasently surprised when he had dropped on a spicy little Isle where ladies are far and few between.”
Times of Ceylon 1903

Chaidh an sgeulachd seo tro Ìompaireachd Breatannach agus bha tòrr dhaoine ag ràdh gun robh Eachainn co-ghnèitheach. Thàinig e air ais gu Breatainn airson cuideachadh a fhaighinn bhon Rìgh, ach cha robh an Rìgh dèonach a’ toirt cuideachadh dha agus chuir e Eachainn air ais gu Ceylon far an robh e a’ dol gu bhith “court-marshalled”. Air an t-slighe air ais, chaidh e gu Paris agus dhùisg e aon là agus chaidh e sìos an staidhre airson bracaist a fhaighinn. Leugh e am pàipear-naidheachd agus chunnaic e pìos ag ràdh gun robh e co-ghnèitheach agus a’ bruidhinn mu dheidhinn an sgeulachd. An dèidh dha an sgeulachd leughadh, chaidh e air ais suas an staidhre gu a sheòmar agus chuir e peilear tro a cheann.

Chan eil fianais aig luchd-eachdraidh fhathast a chanas a bheil an sgeulachd seo fìor neo an e dìreach sgeulachd a chuir na h-oifigearan a-mach air sgàth gun robh iad mì-thoilichte a bhith ag obair còmhla ri mac croiteir. Ach tha fianais ann gun robh e pòsta agus bha mac aige.

Eadar 1904 agus 1907 chaidh an Carragh-cuimhne Eachainn MacDhòmhnaill a thogail air Cnoc Mhìcheil ann an Inbhir Pheofharain.

Carragh-cuimhne Eachainn MacDhòmhnaill

Carragh-cuimhne Eachainn MacDhòmhnaill

An-Diugh

An-diugh tha Inbhir Pheofharain uabhasach trang agus beòthail. Tha an Sràid Àrd air cumail airson coisiche agus tha sgeama Shop Mobility ag obair anns a’ bhaile airson luchd-ciorramach. Bidh an Sràid Àrd dùinte gach mìos air sgàth ‘s gum bidh Mart nan Tuathanaich ann. ‘S urrainn dhaibh glasraich, measan, flùraichean, feòil, aran, iasg, lusan agus seudan a cheannach bho luchd-dèanaidh ionadail. Cuideachd tha Car boot sale ga chumail gach Disathairne aig an t-ionad-margaidh ùr aig Humberston Farm.

Mart nan Tuathanaich

Mart nan Tuathanaich

Tha leabhar-lann sgoinneil ann agus tha seo ri taobh an Ionaid Choimhearsnachd, an Ionaid Ghàidhlig agus Sgoil St. Clemant, sgoil sònraichte airson daoine le ciorram. B’ àbhaist don leabhar-lann a bhith an àrd-sgoil ach ghluais an àrd-sgoil as dèidh an dàrna chògaidh. *(Tha an leabhar-lann a-nis na phàirt dhen àrd-sgòil ùr a chaidh a thogail eadar 2005-2008)

Leabhalann & Acadamaidh Ùr Inbhir Pheofharain

Leabhalann & Acadamaidh Ùr Inbhir Pheofharain

A bharrachd air Sgoil St. Clemant tha dà sgoil eile anns a’ bhaile, aon bùn-sgoil agus aon àrd-sgoil. ‘S e togalach gu math breagha a tha an àrd-sgoil ach tha iad a’ togail Àrd-sgoil ùr an-dràsta agus bidh seo deiseil air an 12mh là dhen Chèitean 2008. Nuair a tha an àrd-sgoil ùr deisil bidh iad a’ leagail an seann àrd-sgoil airson an raon-cluiche ùr.

Tha Ionad Spòrs ann faisg air an Àrd-sgoil. Anns an ionad-spòrs, tha lon snàmh mòr ann, tha talla spòrs mòr ann airson ball coise msaa., tha talla geama beag ann airson badminton msaa. agus tha lann lùth-chleas (gym) cuideachd. A bharrachd air seo tha an sgoil-àraich Thingvollr ann cuideachd.

Ionad Spòrs Inbhir Pheofharain

Ionad Spòrs Inbhir Pheofharain

Tha pàirc na cloinne neo Pàirc Pheofharain air cùlaibh an Tesco ùr le pàirc airson cloinn nas òige agus pàirc eile airson cloinn nas sine, cùirtean Tennis, linne bàta agus bùth ann cuideachd. Tha làrach airson teantaichean neo carabhanaichean faisg air Pàirc Bhictoria, an dachaigh aig Ross County agus far a bheil an Àrd-sgoil Ball Coise suidhichte agus tha achadh “astroturf” ball-coise ann cuideachd airson na coimhearsnachd.

Tùsan & Ceanglaichean

LEABHRAICHEAN

BEATON, Elizabeth. (1992). Ross & Cromarty: An Illustrated Architechtural Guid. RIAS.

CLEW, Kenneth R. (1975, 1988). The Dingwall Canal: Local Case Studies No.1. Dingwall Museum Trust.

MACLEOD, Kenneth I.E. (1976). The Ranker: Major General Sir Hector MacDonald; The Hero of Omdurman; Local Case Studies No.5. Dingwall Museum Trust.

MACDONALD M.A., David. (1976). St. Clement’s Look Back: A (Congregational) History of Dingwall. Ross-Shire Printing & Publishing Company.

MACRAE, Norman. (1974). The Romance of a Royal Burgh: Dingwall’s Story of a Thousand Years. EP Publishing.

ROYLE, Trevor. (2003). Fightinf Mac: The Downfall of Major General Sir Hector MacDonald. Mainstream Publishing.

SINCLAIR, Jack. (1989). Dingwall Memories: Local Studies No. 3. Dingwall Museum Trust.

SINCLAIR, Jack. (1993). Old Bailechaul: Local Studies No. 6. Dingwall Museum Trust.

LÀRAICHEAN-LÌN

Làrach-lìn Inbhir Pheofharain

Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain

Inbhir Pheofharain air Wikipedia anns a’ Ghàidhlig (sgriobhte leam fhìn)

Inbhir Pheofharain air Wikipedia anns a’ Bheurla

Inbhir Pheofharain air Undiscovered Scotland

Hector MacDonald

Hector MacDonald air Wikipedia

Ross-shire Journal – paipear-naidheachd le naidheachdan ionadail

North Star – paipear-naidheachd le naidheachdan ionadail