Chaidh Leo Varadkar a thaghadh mar cheannard am partaidh poilitigeach Fine Gael an-diugh agus e a-nis gu bhith a chiad Prìomh-mhinistear (Taoiseach) gèidh ann an eachdraidh na h-Èirinn.

Aig 38 bliadhna a dh’aois tha e cuideachd am Prìomh-mhinistear as òige ann an eachdraidh na dùthaich.

Bhòt 60% dhen colaiste taghaidh air a shon agus thathar an dùil gum bi e a’ toirt smachd air am partaidh sna seachdainnean a tha romhainn.

Thuirt Mgr Varadkar, “If my election shows anything it’s that prejudice has no hold in this Republic… When my father travelled 5,000 miles to build a new home in Ireland, I doubt he ever dreamed his son would grow up to be its leader and that despite his differences his son would be treated the same and judged by his actions and character not his origins or identity.”

Thàinig Mgr Varadkar às a chlosaid ann an 2015 ron referendum air pòsaidhean gèidh agus nas anmoiche air a’ bhliadhna rinn e òraid làidir ann an Dáil Éireann a’ moladh dhaibh gum bu chòir do phosaidhean gèidh a bhith làghail.