Tha ceannard Eaglais Chaitligeach na h-Alba air iarraidh gun tèid bhòt a chumail ann an Alba a-thaobh pòsadh càraidean gèidh.

Thuirt Càirdineal Keith O’Brien: ” Tha e soiller ma bhios e ciallach gus bhòt a chumail a-thaobh neo-eisimeileachd, bidh e deatamach gun tèid bhòt a chumail a-thaobh pòsadh gus an tig an dùthaich ri co-dhùnadh mun a’ chùis seo. Thoir cothrom do dhaoine aig a bheil beachd air a chùis seo a bhith a’cur earbsa ann am muinntir na h-Alba gus do-dhùnadh a dhèanamh.”

Tha an Eaglais Chaitligeach air ràdh gun cosgaidh iad £100,000 a bharrachd air an iomairt an-aghaidh pòsadh càraidean gèidh. Tha seo a bharrahcd air £50,000 a tha iad air a chosg gu ruige seo.

A-rèir cunntas-beachd a rinn Stonewall Scotland o chionn goirid bidh 2/3 de dhaoine ann an Alba toilichte gu leòr airsson pòsadh càraidean gèidh.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a’ dèanamh deasbad mun a’ chùis o chionn goirid agua tha dùil ri co-dhùnadh ro dèireadh na mìos.