Tha sgoilearan aig Sgoil Bhedales, faisg air Petersfield air iomairt a chur air bhonn gus sabaid a’ dèanamh air gràin air deugairean gèidh.

Chaidh an iomairt GRIN (Global Respect in Education) a stèideachadh le Claudia White, 17, as dèidh dhi leughadh mu dheidhinn deugairean gèidh a chur às dhaibh fhèin.

Chaidh an làrach-lìn aca stèideachadh o chionn dà mhìos le postair de Patrick Lindsay, a tha na sgoilear aig an sgoil, air a bheil am facal ‘Respect’ sgrìobte ann an dathan na bogha-froise air a’ ghruaidh aige. ‘On uair sin, tha 33 duine eile air nochdadh air an làrach-lìn.

A-nis tha na sgoilearan airson airgead a thogail airson an iomairt ann am Brighton Diardaoin 6mh Am Faoilleach agus tha iad an dùil gum bi muinntir a’ phoblach deònach a bhith a’ nochdadh ann an postairean ùra airson an làrach-lìn.

Bu toigh leotha co-dhiù £10 bho gach duine a bhios deònach gu leòr a bhith a’ nochdadh ann am postair le ‘Respect’ sgrìobhte air na gruaidhean aca.

A bharrachd air an làrach-lìn aca fhèin tha GRIN cuideachd a’ sìreadh taic bho muinntir Facebook agus Twitter

Ceanglaichean co-cheangailte

GRIN: http://grincampaign.com/
GRIN air Twitter: http://twitter.com/GRINCampaign
GRIN air Facebook: http://www.facebook.com/pages/GRIN-Campaign/145064455545414

Tùs

UKGayNews: Teens from Sussex School Go Public with Their GRIN Photo Campaign to Combat Bulling of Gays in Schools