Chaidh iomairt a chur an sàs air Facebook gus a’ chiad ceann-suidhe gèidh a thaghadh ann an Èirinn.

Thathar an-dùil gun tèid David Norris a thaghadh na Ceann-suidhe na h-Èirinn anns an Taghadh 2011.

Thuirt Norris gur e iomairt Facebook le ballrachd de còrr ’s 1000 daoine a bhrosnaich e a bhith a’ ruith.

“Tha mi dhen bheachd gu bheil e uabhasach cudromach a bhith a’ cleachdadh teicneòlas ùr. Bha e na chuideachadh ri Ceann-suide Obama.”

Tha Norris, a tha fosgailte mun taghadh-fèise aige, cuideachd air ràdh nach eil e an dùil gum biodh e na thrioplaid anns na Sgìrean Chaitligeach san dùthaich gu bheil e gèidh.