Thathar gu bhith a’ deasbad Bile Companasan-catharra anns an House of Keys a-maireach.

Ma bhios e soirbheachail thèid còraichean co-ionannach a thoirt do chàraidean gay agus leasbach ’s a th’ aig càraidean phòsta.

Thuirt Allan Bell, Minister an Iomhais, gu bheilear an dùil gum biodh am bile ag atharrachadh na beachdan a th’ aig a’ mhòr-shluaigh air an eilean.

A-rèir a’ BhBC thuirt e: “Tha mi a’ smaointinn gus bheil coimhearsnachd againn air an Eilean Mhanainn a tha nas fosgailte agus nas tuigsinneach a-nis. Tha a’ mhòr-chuid a’ gabhail ri càirdeasan gèidh a-nis.”

“Tha na h-atharrachaidhean eile a tha sinn air cur an gnìomh, a-thaobh a’ chùis gèidh, air toirt an Eilean Mhanainn ris an aon ìre ’s a tha an Rìoghachd Aonaichte agus ma dh’fhaoite an còrr den t-Aonadh Eòrpach.”

Bha co-ghnèitheachd (homosexuality) mì-laghail air an eilean suas gu 1992 agus chaidh an t-aois-aonta a dhèanamh co-ionannach ann an 2006.

An-dràsta thathar cha mhòr ach ag aithneachadh companasan-catharra às an Rìoghachd Aonaichte