Tha Eaglais na h-Alba air casg a chur air ministearan gèidh ùra fad dà bhliadhna.

Chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh dìreach dà latha as dèidh don Àrd-sheanadh bhòtadh 326-267 gus cead a thoirt ris an t-Ùrr. Scott Rennie a bhith na mhinister aig Eaglais Chrois na Banrighinn ann an Obar Dheathain, ged a tha e a’ fuireach le companach fireann.

Thèid coimisean àraidh stèidichte gus a’ chuspair deasbad agus aithisg a dhèanamh ann an 2011.

Chaidh casg a chur air buill an eaglais bhon a bhith a’ bruidhinn air a’ chùis ris na meadhanan.