Tha Àrd-chùirt Chalifornia air bhòtadh gus cumail ri Proposistion 8, an iomairt a chur casg air pòsadh gèidh anns an stàit.

Bhòt na britheamhan 6-1 an-aghaidh luchd-taic pòsaidhean gèidh a bha a’ gearann air sgàth ’s gu bheil Prop 8 a’ dol an-aghaidh Bun-reachd nan Stàitean Aonaichte. A dh’aindeoin an co-dhùnadh seo, bhòt iad uile gu lèir airson na 18,000 pòsaidhean a chaidh a chumail mar thà cumail laghail.

Cha robh ach Britheamh Carlos R. Moreno, an aon Democrat anns a’ chùirt, airson Prop 8 a chur às.

Cha pòsadh gèidh a dhèanamh laghail ann an California anns a’ Chèitean 2008, ach a-rèir Prop 8 a chaidh a chur an gnìomh anns an t-Samhain 2008 tha pòsadh a’ ciallachadh aonadh eadar fear agus bean.

Tha luchd-gnìomh gèidh air ràdh gu bheil Prop 8 a’ dol an-aghaidh a’ bun-reachd agus gu bheil e a’ dèanamh leth-bhreith orra. Tha iad cuideachd ag ràdh nach eil companasan-catharra, a tha ceadaichte anns an stàit, co-ionannachd ri pòsadh.

Bidh daoine gèidh a’ togail fianais an-aghaidh a’ cho-dhùnadh air feadh California an-diugh.