Chaidh seo a thogail bho làrach-lìn a’ BhBC. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhal air Deasbad a’ leantainn mu Mhinistearan gèidh.

Leanaidh an deasbad aig Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Diluain air am bu chòir do dhaoine a tha gu fosgailte ann an càirdeasan gèidh a bhith ceadaichte àrd-oifisean a bhith aca san Eaglais.

Disathairne bhòt 327 coimiseanar gun robh Clèir Obar Dheathain ceart ann a bhith a’ cur taic ri calla bho Eaglais Chrois na Banrighinn gu Scott Rennie, a tha a’ fuireach le companach fireann.

Tha sin a’ ciallachadh gun tèid Mgr Rennie a phòsadh ris a’ choithional san Òg-Mhios – sia miosan an dèidh dha an calla fhaighinn.

Tha Mgr Rennie air a bhith na Mhinistear aig Àrd-Eaglais Bhrechin bho 1999.

Bha 13 buill de Chlèir Obar Dheathain mi-thoilichte leis an t-suidheachadh mu choinneamh Mgr Rennie agus thug iad a’ chùis chun Àrd-Sheanadh.

‘S fear de na priomh dhraghan a bh’ orra nach robh an clèir air beachd a shireadh bhon Eaglais air fad mus do chur iad taic ri dreuchd ùr Mhgr Rennie.

Gluasadan

Bha aig an 900 Coimiseanar a bha an làthair ri bhòtadh air dà ghluasad.

Thàinig a’ chiad ghluasad bhon t-Urr. Jeremy Middleton, Eaglais Davidson’s Mains, Dùn Èideann, a bha airson gun deidheadh gabhail ris a’ ghearain an aghaidh Chlèir Obar Dheathain agus nach deidheadh an t-Urr. Scott Rennie a phòsadh ri coithional ùr.

Ghluais an Dtr. Urr Seòras Whyte an aghaidh a’ mholaidh sin agus esan ag radh gum bu chòir cuir às don ghearain an aghaidh a’ chlèir.

Bha moladh Dhtr. Whyte ann an dà phàirt agus an dàrna pàirt ag iarraidh nach deidheadh a’ chùis seo a mheas mar seasamh oifigeil na h-Eaglasie air Ministearan gèidh.

De na co-dhiù 900 coimiseanaran a bha an làthair bhòt 326 airson gluasad Mhgr Whyte agus 267 airson gluasad Mhgr Middleton. Bha còrr is 300 nach do bhòt idir.

Tagradh

Thòisich an deasbad mu chlèir Obar Dheathain agus lean e gus an do bhòt na coimiseanaran aig 22.21, mar sin cha chualas an tagradh bho chlèir Lochcarroin ’s an Eilean Sgitheanaich.

Thèid an tagradh sin, a mholas gur e a-mhàin Ministearan, eilltearan agus deacoin a tha ann am pòsadh eadar fireannach agus boireannach no a tha singilte, a bu chòir a cheadachadh san Eaglais.

Bidh cothrom ann do choimiseanaran iad fhèin molaidhean eile a chur air adhart cuideachd.

Tòisichidh an deasbad sin aig 1600 Diluain is dùil gum mair e grunnd uairean a thìde.