Cha tèid Iris Robinson, BP Èirinn a Tuath, a thoirt gu lagh leis a’ phoileas airson moladh gur e tinneas-inntinn a th’ ann an co-sheòrsachd agus coimeas a dhèanamh eadar daoine gèidh agus paedophiles.

Bha BP am Partaidh Deamocratach Aonachdach (DUP) airson Strangford, a tha pòsta ri Peter Robinson, Prìomh Ministear Èirinn a Tuath, fo sgrùdadh am poileas as dèidh am BBC còrr is 100 gearan fhaighinn nuair a bha Robinson a’ bruidhinn air Prògram Nolan air BBC Radio Ulaidh, as t-Samhadh agus mun aon àm nochd agallamh san Belfast Telegraph far an tuirt i rudan dhen aon t-seòrsa.

Thuirt neach-labhairt a’ Phoileas an-dèidh rannsachadh fada agus farsaing gu bheil iad toilichte gu leòr nach do bhris BP Robinson an lagh agus air sgàth ’s sin cha tèid i a toirt gu lagh.