Tha bile ùr gus an t-Eilean Mhanainn a thoirt gu ìre an Rìoghachd Aonaichte a-thaobh poileasaidh gnè air faighinn tron a’ chiad ceum dhen Comhaire Lagha.

Thèid an Gender Recognition Bill, a chaidh a chur air adhart le Eddie Lowey, a chur an gnìomh gus riagailtean Cuirt Eòrpach nan Còirichean Daoine a’ co-fhreagairt.

Bidh am bile a’ toirt còirichean co-ionannachd, a’ toirt a-steach còirichean pòsaidh, do tar-ghnèitheach sam bith a tha air teisteanas oifigeil fhaighinn.

Tha am bile cuideachd ag ràdh gu bheil e mar dhleastanas dhan Oifis Clàraidh a bhith a’ cumail Clàr Gnè dìomhair mu dheidhinn a h-uile teisteanas gnè.

Chaidh am bile stèideachadh air laghan a chaidh a chur an gnìomh anns an Rìoghachd Aonaichte leis an Gender Recognition Act.

Tha am bile air faighinn tro trì ceuman anns an House of Keys mar-thà ach tha dà cheum air fhàgail mus bi e na lagh.