Lèirmheas: Mailbox airson iOS & Android

‘S e prògram puist-d a th’ ann am Mailbox a tha ri fhaoitinn saor an-asgaidh air iOS and Android. Chaidh an app a cheannachadh le Dropbox ann an 2013 agus tha iad dìreach air Mailbox 2.0 a chur a-mach.

Tha Mailbox stèidichte air feallsanachd Inbox Zero le Merlin Mann a tha ag amas air smachd a thoirt air do bhogsa a-steach agus ga chumail falaichte. Airson seo a dhèanamh tha Mann ag ràdh gu bheil cèithir dìofar gnìomhan agad nuair a tha thu a’ deiligeadh ri post-d:

  • Delete – sguab as a h-uile post-d nach eil ag iarraidh d’ aire.
  • Delegate – mura h-eil thu comasach air am post-d a fhreagairt thoir an ùghdarras ri duine a tha comasach.
  • Defer – mura h-eil ùine gu leòr agad aig an àm cuir am post-d ann an tasglann gus am bi ùine gu leòr agad.
  • Do – ma tha thu comasach air am post-d a fhreagairt dèan e sa bhad.

Tha an dòigh anns a bheil Mailbox a’ cleachdadh Inbox Zero air leth sònraichte agus uabhasach fùrasta ri cleachdadh: chan eil agad ri dhèanamh ach swipeadh air post-d. 

Cuir ann an tasglann

Nuair a tha thu deiseil le brath agus thu airson ga chumail, feumaidh tu swipeadh bhon làimh clì dhan làimh deas gus am faic thu strìochag uaine. A-nis chan bhi am brath seo a’ nochdadh anns do bhogsa a-steach, ach bidh e agad fhathast ann an tasglann.

Sguabadh às

Mura h-eil thu airson brath a chumail nuair a tha thu deiseil leis, feumaidh tu swipeadh bhon làimhe clì dhan làimh deas gus am faic thu crois dearg.

Cuir dàil air

Mura h-eil thu comasach air deiligeadh leis am post-d aig an àm faodaidh tu dàil a chur air le bhith swipeadh bhon làimh deas dhan làimh clì gus am faic thu cloc buidhe. Ma nì thu seo gheibh thu bogsa le dìofar roghainnean ann: “Nas Anmoich”, “A-Nochd”, “A-Maireach”, “Aig Deireadh na Seachdain”, “An ath-Sheachdain”, “An ath-Mhìos”, “Uaireigin” agus “Tagh Latha”. Ma clìogas tu air aon dhe na roghainnean mar eisimpleir “A-maireach” thèid dàil a chur air am post-d agus nochdaidh e a-rithist anns do bhogsa a-steach a-maireach.

Cuir ri liostaichean

Ma tha thu airson do thasglann a chumail sgiobalta, faodaidh tu brathan a chur ri liostaichean a leithid “Ri Leughadh”, “Ri Cheannach”, “Obair” m.s.a.a. le bhith a’ swipeadh bho làimh deas dhan làimh clì gus am faic thu liosta donn.

Dè tha ùr ann am Mailbox 2.0?

Ann an 2.0 bidh Mailbox ag ionnsachadh an gnìomh a chur thu air brath agus ma gheibheas tu post-d eile a tha coltach ri cuiridh Mailbox an aon gnìomh air leis fhèin. Cuideachd bidh agad ri bhith a’ logadh a-steach le cunntas Dropbox airson do roghainnean a cho-thìmeachadh eadar d’ innealan.

Co-dhùnadh

‘S e app air leth sònraichte a th’ ann am Mailbox le cho sìmplidh agus cumhachdail ’s a tha e aig an aon àm agus tha mi a’ smaointinn gum bi a’ mhòr-chuid toilichte leis. Ach a dh’aindeoin seo chan eil e foirfe fhathast air sgàth ’s nach eil ach Gmail agus iCloud ag obair leis a’ ciallachadh gum feum luchd-cleachdaidh Outlook (Hotmail) agus Yahoo Mail app eile a lorg. Cuideachd chan eil app desktop ann fhathast a’ ciallachadh nach urrainn dhut an aon dòigh-obrach a’ cleachdadh airson do phost-d a riaghladh air an desktop. Tha Mailbox air ràdh gu bheil iad ag amas air app Mac OS X a chur a-mach am bliadhna seo agus ma tha thu airson fheuchainn faodaidh tu d’ ainm a chur ris an liosta an-seo airson am beta fhaighinn nuair a tha e ri fhaoitinn.


Mailbox le Dropbox

Prìs
An-asgaidh

Ri fhaotinn air
iOS (App Store)
Android (Play Store)
Mac OS X (ri thighinn)

Cànan
Beurla

Dè a thachair ri AbairThusa

Fhuair mi post-d a-nochd a’ faighneachd orm dè a thachair ri AbairThusa. ‘S e an rud a thachair gun dh’fhuair mi obrach ùr an ùiridh ’s mi air a bhith uabhasach trang. A bharrachd air sin tha rudan na mo bheatha phearsanta air atharrachadh cuideachd mar eisimpleir fhuair mi taigh ùr ann am baile ùr anns a’ Ghiblean agus tha e air a bhith doirbh dhomh ùine agus airgead a chosg air AbairThusa gu h-araidh nuair nach bhios daoine sam bith ga chleachdadh.

Leis an fhirinn innse chan eil daoine sam bith air dad a ràdh mu a dheidhinn ro ’n-diugh ’s tha mi air a bhith eadar dà bharail a-thaobh cumail a’ dol leis. ‘S fheàrr leis a’ mhòr-shluaigh Facebook a chleachdadh a-nis air sgàth ’s gur e sin far a bheil na càirdean air fad aca ’s mi a’ smaointinn nach eil ùidh aca ann an lìn-sòisealta far nach ann ach glè bheag dè na càirdean aca.

Ach co-dhiù tha mi a-nis airson faighneachd oirbh a bheil sibh airson gum biodh mi a’ cumail a’ dol leis? Ged nach faigh sibh ris an làrach-lìn an-dràsta, tha am fiosrachadh ann fhathast agus chan eil agam ach ri phàigheadh ri Ning airson a bhith air loidhne a-rithist. Ma tha beachd Sam bith agaibh, cuiribh fios thugam air Twitter, Google+, post-d air neo cuiribh freagairt ris am blog seo.